A CHAISG TIMCHEALL AN T-SAOGHAIL (ПАСХА ВО ВСЁМ МИРЕ)




GÀIDHLIG – РУССКИЙ

Astràilia - Австралия
Ann an Astràilia tha bilby Càisg aca an àite rabaid Càisg. - В Австралии пасхальный билби является альтернативой пасхальному кролику.
Ithidh iad bilby teòclaid a’ bharrachd air rabaidean teòclaid. - Вместо шоколадных кроликов едят шоколадных билби.
Tha rabaidean air am faicinn mar phlàigh ann an Astràilia. - Кролики считаются вредителями в Австралии.

A' Phòlainn - Польша
Air Diluain na Càisge bidh balaich a’ ruith timcheall nan sràidean a’ crathadh uisge neo cùbhrachd air nigheanan. - В Пасхальный понедельник мальчики бродят по улицам и брызгают на девочек водой или духами.
Thathar a’ toirt basgaidean bìdh don eaglais airson am beannachadh. - Корзины с едой везут в церковь для благословения.
Air Latha Didòmhnaich na Càisge tha iad ag ithe cèic ann an cumadh uan a’ samhlachadh Chrìosd agus tha iad cuideach ag ithe uighean. - В Пасхальное воскресенье едят яйца, а также пирог в форме ягнёнка, символизирующий Христа.
Tha uighean Càisg aca air am peantadh le samhlaidhean earrach agus mathas. ‘Se ‘pisanki’ a chanar ri na h-uighean seo. - Они также раскрашивают пасхальные яйца, называемые писанки, которые изготовлены вручную и окрашены традиционными символами плодородия и весны.

Alba - Шотландия
Ann an Alba, tha co-fharpaisean aca airson a bhith a’ roiligeadh uighean. - В Шотландии проводятся соревнования по катанию яиц.
Tha uighean air am bruic agus an uairsin air am peantadh. - Яйца варят, а затем красят.
Tha clann a’ roiligeadh nan uighean sìos na cnuic. - Затем дети скатывают яйца с покрытых травой холмов.
Buanaichidh a neach leis a bheil an t-ugh a’ roiligeas nas fhaide na càch. - Выигрывает тот, кто скатит яйцо дальше всех.
Tha roiligeadh nan uighean a’ samhlachadh a’ chlach air a roiligeadh air falbh bhon uaigh aig Ìosa. - Катание яйца символизирует скатывание камня от гробницы Иисуса.

Bermiùda - Бермудские острова
Ann am Bermiùda, tha daoine ri sgèith itealagan a’ samhlachadh aiseirigh Chrìosda. - На Бермудах люди запускают воздушных змеев, что символизирует Воскресение Христа.

A' Ghearmailt - Германия
Anns A' Ghearmailt, tha craobhan ugh Càisg aca ris an canar ‘Ostereierbaum’. - В Германии есть деревья с пасхальными яйцами, называемые Ostereierbaum ("Пасхальное дерево").

An Spàinn - Испания
Bidh clann a’ toirt duilleagan pailm don eaglais air Sàbaid Shlat-phailme. - Дети приносят пальмовые листья в церковь в Вербное воскресенье.
Tha daoine a’ sgeadachadh nan geugan le flùraichean. - Девушки украшают свои ветки мишурой и цветами.
Air Diciadain na Luathadh, tha crois luath a’ dol air clàr-aodainn dhaoine a’ ràdh ri Dia gu bheil iad duilich airson na rudan crosta a’ rinn iad. - В Пепельную Среду на лоб людям накладывают крест из пепла, чтобы просить прощения у Бога за плохие дела, которые они совершили.

Anns an Spàinn, bidh balaich agus nigheanan a’ bualadh dhrumaichean ann an parèid eaglais. - На юге Испании мальчики бьют в барабаны во время церковных процессий.
Tha parèidean cuideach ’san Spàinn le còmhlain caisimeachd agus ‘pasos’ neo rìgh-chathrichean a’ mìneachadh stòiridh na Càisge. - В Испании также есть парады с платформами на колёсах, иллюстрирующими Пасхальную историю, и марширующие оркестры.
Tha na parèidean air an leantainn le daoine sgeadaichte le cleòcan a’ sireadh maitheanas bho Dhia. - За парадами следуют люди в плащах, просящие прощения у Бога.

Stàitean Aonaichte Ameireaga - Соединённые Штаты Америки
Tha cuirm roiligeadh uighean Càisg air a chumail gach bliadhna aig an Taigh Gheal ann an Washington DC, SAA. - В Белом доме в Вашингтоне, округ Колумбия, США, ежегодно проводится пасхальное мероприятие по катанию яиц.

Tha clann a’ putadh uighean a th’air am peantadh tron fheur le spàinnean fada. - Дети толкают раскрашенные яйца по траве ложками с длинными ручками.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha daoine ainmeil air tionndadh suas mar dhibhearsain don chloinn! - В последние годы появлялись знаменитости, которые развлекали катальщиков!

An Eadailt - Италия
Anns an Ròimh, ’san Eadailt, tha am Pàpa a’ glanadh casan dusan fhireannach aig ath-achdachadh den t-Suipear Deireannach air Diardaoin na Bangaid. В Риме, в Италии, Папа омывает ноги двенадцати человек, чтобы воссоздать историю Тайной Вечери в Великий Четверг.
Air Dihaoine na Ceusta, tha tòrr dhaoine a’ cruinneachadh aig 5 f aig Basilica an Naoimh Pheadair a dh’èisteachd ri aifreann na Pàpa. - В Страстную Пятницу многие люди собираются в базилике Святого Петра, чтобы послушать мессу Папы в 5 часов вечера.
Tha am Pàpa a’ dol air chuairt laiste le coinnlean mar chuimhneachan air Crìosda. - Папа идёт по освещённой свечами галерее для напоминания о Христе.

A’ Ghrèig - Греция
Tha fèis na Càisg a’ tòiseachadh ron Chàisg. - Празднование Пасхи начинается прежде Пасхи.
Air Diardaoin na Bangaid tha aran Càisg air fhuine agus tha uighean air an dath dearg mar shamhla de dh’fhuil Chrìosda. - В Великий Четверг пекут пасхальный хлеб и красят яйца в красный цвет, что символизирует кровь Христа.
Air Disathairne na Càisge, tha daoine a’ dol gu aifreann aig meadhan oidhche far a bheil iad a’ toirt leotha coinneal airson a’ lasadh bho Lasair Càisg na h-eaglais. - В Святую Субботу люди посещают полуночную службу, где каждый приносит свечу, чтобы зажечь её от Благодатного Огня в церкви.
Tha daoine a’ cuir seachad Didòmhnaich na Càisge còmhla ri teaghlach agus caraidean a’ gabhail biadh de dh’uan ròsta. - Пасхальное Воскресенье проводят с друзьями и семьёй за трапезой из жареного барашка
.



Поделиться:




Поиск по сайту

©2015-2024 poisk-ru.ru
Все права принадлежать их авторам. Данный сайт не претендует на авторства, а предоставляет бесплатное использование.
Дата создания страницы: 2019-06-03 Нарушение авторских прав и Нарушение персональных данных


Поиск по сайту: